Main Index: Gaelic Gospel of Mark

 

Mark 3

[1] [2] [3] [4] [5] [6] [7] [8] [9] [10] [11] [12] [13] [14] [15] [16]

MK 3:1 Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.

MK 3:2 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn `na aghaidh.

MK 3:3 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.

MK 3:4 Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan `nan tosd.

MK 3:5 `S ag amharc orra mun cuairt le feirg `s le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha.

MK 3:6 `S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha.

MK 3:7 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile `s bho Iudea,

MK 3:8 Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, `S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, `s iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.

MK 3:9 Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.

MK 3:10 Oir leighis e moran, air chor `s gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad `sa bha easlainteach.

MK 3:11 `S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh:

MK 3:12 Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.

MK 3:13 `Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b` aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.

MK 3:14 Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.

MK 3:15 Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.

MK 3:16 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:

MK 3:17 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:

MK 3:18 Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach,

MK 3:19 Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e.

MK 3:20 Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor `s nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe.

MK 3:21 S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach.

MK 3:22 Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, `s gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.

MK 3:23 `S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?

MK 3:24 Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh.

MK 3:26 Agus ma bhios tigh air a roinn `na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh.

MK 3:26 `S ma tha Satan air eirigh `na aghaidh fhein, tha e roinnte, `s chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air.

MK 3:27 Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.

MK 3:28 Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:

MK 3:29 Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.

MK 3:30 Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige.

MK 3:31 Is thainig a mhathair `sa bhraithrean; `s nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.

MK 3:32 Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair `s do bhraithrean a muigh gad iarraidh.

MK 3:33 Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?

MK 3:34 `S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha `nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.

MK 3:35 Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.

 

Created with HTMLCompiler by BibleDatabase